Festival Interviews

Taisbeanadh Eadar-Fèise: Jenna Cumming

Dè th' anns a' phròiseact eadar-Fèise 'Ar Dachaigh' a bhios na phàirt de Fèis Cheilteach Innse Gall am-bliadhna?
Tha 'Ar Dachaigh' air a lìbhrigeadh le Fèis Eilean an Fhraoich le taic bho Fhèis Cheilteach Innse Gall agus Fèisean eile anns na h-eileanan siar. Chaidh iarraidh air gach Fèis aon bhuidheann a' chuir air adhart airson a' phròiseact seo. Tha luchd-ciùil òga againn a tha air buidhnean ciùil traidiseanta a stèidheachadh anns na sgìrean aca fhein agus bidh iad a gabhail pàirt anns an taisbeanadh a bhios a' gabhail àite anns An Lanntair, Steòrnabhagh air Disathairne 18 Iuchar 2009.

Dè an t-amas a th' aig a' phròiseact?
'S e amas a' phròiseict cothrom a thoirt do chompàirtichean, a tha air a bhith a' frithealadh nam Fèisean anns na h-Eileanan Siar thairis air na bliadhnaichean, an cuid sgilean ciùil a thaisbeanadh ann an suidheachadh proifeiseanta air beulaibh sluaigh aig tachartas luachmhor mar a th’ againn le Fèis Cheilteach Innse Gall.

Innis dhuinn barrachd mu dheidhinn a’ phròiseict fhèin
Bidh suas ri 6 luchd-ciùil/seinneadairean anns gach buidheann, eadar 14-18 bliadhna dh'aois. Thèid gach pàirt den phròiseact a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Ìre 1: Aig a' chiad ìre chaidh iarraidh air gach buidheann òrain a thaghadh air an robh iad measail agus a bhuineadh dhan sgìre aca. Mar phàirt den phròiseict, bhrosnaich sinn na compàirtichean gus obrachadh le daoine anns na coimhearsnachdan aca fhèin, le daoine a' bruidhinn ri bàrd-baile no daoine às an sgìre a bhiodh eòlach air stuthan freagarrach. Tha na buidhnean air a bhith ag obair leotha fhèin ag ullachadh nan òran a thagh iad agus thèid iad seo a thaisbeanadh aig a’ chonsairt.

Ìre 2: Chaidh an neach-ciùil òg Norrie MacÌomhair (Bodega) fhastadh mar Stiùiriche Ciùil a' phròiseict, agus aig toiseach an Ògmhios thadhail e air na buidhnean anns gach sgìre airson faicinn an adhartais a bha iad a' dèanamh agus gus taic a thoirt dhaibh ma bha iad feumach oirre.

Ire 3: Bidh an ath ìre de 'Ar Dachaidh' a' gabhail àite aig an Fhèis fhèin san Iuchar. Tha sinn le aoibhneas gun do sgrìobh Calum Dòmhnallach (Runrig), agus a mhac Dòmhnall, òran Gàidhlig a thèid a thaisbeanadh aig deireadh a' chonsairt. Ionnsaichidh a h-uile compàirtiche a tha an sàs leis a' pròiseact an t-òran aig bùthan-obrach rè na Fèise. Cuideachd bidh cothrom aig compàirtichean pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach le cuid den luchd-ciùil a bhios a' nochdadh anns an Teanta Mhòr Ghorm!

Ìre 4: Thèid an luchd-èisteachd a stiùireadh tron a' chonsairt le criomagan de bhideo a bhios a’ cluiche eadar na h-òrain a bhios ri fhaicinn air cùl an stèidse. Chaidh a' bhideo a chlàradh anns na beagan seachdainnean a dh'fhalbh agus tha e air a dhèanamh suas le agallamhan goirid bho dhaoine a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan. Fhuair sinn an cothrom beagan clàraidh a dhèanamh le cuid de na còmhlain cuideachd ach ’s e an òigridh fhèin a bhios a’ cur fàilte orra fhèin air an àrd-ùrlar agus ag aithris mu na h-òrain a tha iad air a thaghadh.

Cò mheud duine a tha an sàs le na Fèisean?
Tha mu 13,000 duine òga a gabhail pàirt ann an tachartasan a tha a' faighinn taic bho Fhèisean nan Gàidheal, ’s tha 5,000 dhiubh seo às na Fèisean fhèin.

Jenna Cumming
Oifigear Leasachaidh nan Eilean Siar