Naidheachdan

am bothan

Brathnaidheachd
Fèis Cheilteach Innse Gall
Ceann-latha foillseachaidh: Diciadain 16 Màrt 2011
Cleachdaibh sa bhad.

KT Tunstall na prìomh neach-cluiche aig Fèis Cheilteach Innse Gall am-bliadhna

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall, a tha air tòrr dhuaisean a choisinn, air prìomh phrògram-ciùil airson 2011 a chur an cèill agus tha KT Tunstall gu bhith am measg cuid de na h-ainmean mòra a bhios a' gabhail pàirt am-bliadhna.

Cuide ri KT Tunstall fhèin bidh Seth Lakeman, Stornoway, Peatbog Fairies, KAN, Rachel Sermanni, Mànran agus Dàimh a' cluiche anns an teanta mhòr ghorm eadar 13 is 16 Iuchar.

Thèid teant ùr a thoirt a-steach am-bliadhna a bhios stèidhichte air prìomh làrach na Fèise air talamh Colaisde a' Chaisteil. Le stèidse a bharrachd, thèid aig Fèis Cheilteach Innse Gall air roghainn nas motha de chòmhlain a thabhann do luchd-frithealaidh na Fèise a bhios a' dèanamh air an eilean a h-uile bliadhna.

Maoinichte leis an iomairt mhargaideach Eileanan Alba, tha Fèis Cheilteach Innse Gall air prògram sònraichte de chòmhlain a chur air dòigh a bhios a' riochdachadh diofar eileanan ann an Alba, nam measg; Fullsceilidh Spelemannslag à Sealtainn, Niteworks às an Eilean Sgitheanach, Saltfishforty à Arcaibh agus an dà chòmhlan Open Day Rotation agus The Boy Who Trapped the Sun à Leòdhas. Cuide ri seo bidh Ahab, Kitty the Lion and Woodenbox le Fistful of Fivers a' gabhail pàirt cuideachd.

Thuirt Stiùiriche na Fèise Caroline NicIllinnein mun Fhèis: Tha sinn air bhioran mun raon fharsaing de cheòl a tha sinn a' toirt seachad am-bliadhna. Leis gu bheil e comasach dhuinn teanta ùr a chur air bhog tha cothrom againn leudachadh a dhèanamh agus tha sinn a' tabhann fìor chothroman do luchd-ciùil na sgìre fhèin mar phàirt den phrògram againn. Tha sinn a' coimhead air adhart ri aon de na Fèisean as fheàrr a bh' ann a-riamh airson ar 16mh bliadhna a chomharrachadh."

Thuirt KT Tunstall: "Tha mi a' fìor choimhead air adhart ri bhith a' cluiche anns na h-eileanan - 's e deagh thuras a bhios ann le ho-ro-gheallaidh na lùib. Tha mi cho toilichte a bhith mar phàirt dheth."

Thuirt Brian Briggs a tha na chluicheadair anns a' chòmhlan Indie Folk Stornoway:

"Tha sinn air bhioran a bhith a' tilleadh air ais a Steòrnabhagh airson aithne a chur air an t-suidheachadh neo-àbhaisteach 'Steòrnabhagh a' tighinn gu Steòrnabhagh' aon uair eile - an turas mu dheireadh a bha sinn air an eilean chluich sinn ann an Ionad a' Chlaon Uachdraich, bhrist am bàt'-aiseig sìos agus b' fheudar dhuinn ùine a chosg anns an fhactaraidh chlòimh. 'S dòcha an turas seo gun tèid an dà Steòrnabhagh a dheocadh le toll dhubh. Bha sinn riamh airson cluiche aig an Fhèis cho luath 's a thagh sinn ainm ar còmhlain (nan robh agam ri innse dhuibh carson a thagh sinn an t-ainm bhiodh agam ri do mharbhadh). Mar sin 's e fìor urram a th' ann dhuinn a bhith a cluiche am-bliadhna agus nì sinn ar dìcheall ìmpidh a thoirt air baile Steòrnabhaigh gu bheil sinn airidh air an ainm mhìorbhaileach aca."

Thug Paul Bush, Àrd-oifigear Rian airson EventScotland seachad a bheachd mun Fhèis 's e ag ràdh: Tha sinn air àrdachadh fhaicinn ann am meud na Fèise thairis air na bliadhnaichean a dh' fhalbh agus 's e leasachadh mòr a tha ann gum bi stèidse ùr aca am-bliadhna airson barrachd luchd-frithealaidh a thàladh bho eileanan eile agus nas fhaide air falbh.

Prìomh-stèidse

Diardaoin 14 Iuchar: Dàimh, Seth Lakeman, Stornoway
Dihaoine 15 Iuchar: Mànran, Peatbog Faeries (treas chomhlan ri dhearbhadh)
Disathairne 16 Iuchar: Rachel Sermanni, KAN, KT Tunstall

Steidse Eileanan Alba

Diardaoin 14 Iuchar: Kitty the Lion, Ahab, Niteworks
Dihaoine 15 Iuchar: Woodenbox With a Fistful of Fivers, The Boy Who Trapped the Sun, Fullsceilidh Spelemannslag
Disathairne 16 Iuchar: RURA, Saltfishforty, Open Day Rotation

Bidh an t-ionad ealain ionadal, An Lanntair, a' tabhann grunn de thachartasan às leth na Fèis tron t-seachdain:

An Lanntair (feasgar):

Diciadain: Consairt fosglaidh le Darren Macilleathain, Jenna Cuimeineach agus Linda NicLeòid
Diardaoin: The Cole Porters
Dihaoine: Tim Edey & Brendan Power le Mairearad Green & Anna Massie
Disathairne: Pipes 'n Strings le MnaP Ruairidh MacLeòid, Iain agus Ailean Dòmhnallach

An Lanntair (tron latha):

Diciadain: Taisbeanadh Fèis Tìr a' Mhurain
Diardaoin: Rua MacMillan
Dihaoine: Innes & Present Company

Theid cuirmean coimhearsnachd air adhart ann an Leòdhas agus na Hearadh airson prìomh Fhèis nan Eileanan an Iar a thabhann aig cridhe na coimhearsnachd.

Bidh tiogaidean rim faotainn bho 14 Giblean bho www.hebceltfest.com neo 01851 621 234.

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Peadar Kane: Lucid PR, 01463 724 577: 07742 308213; info@lucidmessages.com

Tè de Phrìomh Fhèisean Bhreatainn ag ainmeachadh Prògram sònraichte a' comharrachadh 15 bliadhna

The tè de phrìomh Fhèisean ciùil Bhreatainn ag amas air nach toir crìonadh an eaconomaidh buaidh air an còigeamh Fèis deug agus iad ag ainmeachadh liosta de shàr luchd ciùil na bliadhna-sa.

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall (14mh gu 17mh Iuchar) stèidhichte ann an Steòrnabhagh ag ainmeachadh gum bi: RunRig, Imelda May, Julie Fowlis, Treacherous Orchestra, Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds, Blazin' Fiddles, Breabach, Iain Morrison, The Fox Hunt, agus The Poozies a-measg an luchd ciùil a bhios an làthair.

Gheibh caraidean an Fhèis fiosrachadh mu shàr bhuidheann eile nuair a thèid a dhearbhadh.

Thuirt stiùiriche an Fhèis Caroline NicIllinnein, "Tha sinn air leth toilichte a bhith ag ainmeachadh prògram a tha làn beartas ciùil, le iomadh luchd duais nam measg agus gu math ùr ghnàthach. Se Run Rig fear de na buidhnean is cliùitiche an Alba, cuideachd bidh raon de cheòl bho punc air ionnsramaidean traidiseanta, buaidhean Afraganach agus seinn àlainn Gàidhlig. Tha mòran ann a chumas tlachd ri na mìltean de dhaoine a tha tighinn chun an Fhèis."

Se seo an 15 bliadhna den Fhèis a tha air prìomh dhuaisean a chosnadh agus a tha a' tàladh sluagh bho air feadh an t-saoghail. Tha luchd turais a tha a' tighinn bho rìoghachdan leithid na Stàitean Aonaichte, Canada, New Zealand a dèanamh air Steòrnabhagh gach bliadhna airson ceòl aig àrd inbhe a chluinntinn ann an àite air leth.

Chaidh an Fhèis ainmeachadh mar Thachartas na Bliadhna aig Duaisean MG Alba airson Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009 agus thathas an dùil a-nis an cliù sin a leudachadh.

Thuirt Caroline Maclennan, "A thaobh is gu bheil prìsean aig an Fhèis agus cosgaisean aiseig cho farpaiseil tha sinn cinnteach nach toir crìonadh an eaconomaidh buaidh air an tachartas. Bhon fheadhainn is òige gun fheadhainn is sinne tha ceòl ann a tha freagairt air na h-uile gun a bhith ro throm air am pòcaid."

Thuirt Paul Bush, OBE, Àrd Oifigear Gnìomhachaidh aig EventScotland, "Chan eil samhail Eileanan an Iar na h-Alba ann a thaobh bòidhchead nàdarra agus tha iad a' faighinn buannachd bhon luchd turais a tha a' frithealadh Fèis Cheilteach Innse Gall. Brosnachaidh maoin EventScotland gach pàirt den phrògram shònraichte a' dèanamh cinnteach gu soirbhich leis an Fhèis anns an 15mh bliadhna agus anns an àm ri teachd."

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu phrògram leudachaidh an Fhèis, an fhosglaidh agus bùthan obrach làitheil anns na mìosan a tha romhainn.

Anns an Teanta Ghorm:
Diardaoin 15mh Iuchar
(Gheibh caraidean an Fhèis fiosrachadh mu shàr bhuidheann eile nuair a thèid a dhearbhadh.)
Blazin' Fiddles; Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds

Dihaoine 16mh Iuchar
Imelda May; Julie Fowlis; agus an Treacherous Orchestra

Disathairne 17mh Iuchar
Run Rig; Breabach

Luchd ciùil eile a tha nochdadh san Lanntair agus ann an coimhearsnachdan air feadh Leòdhais agus na Hearadh : Iain Moireasdan, The Poozies, Kathleen NicAonghais, The Fox Hunt, Mànran, Mhairi Hall Trio, Alasdair White agus Jane Hepburn agus Oidhche Chiadain.