Festival 2010 - Fèis 2010

FAQs

seth lakeman

1 - TIOCAIDEAN

  • Chan e tachartas a tha seo far a bheil aon àite sònraichte ann airson na cuireaman-ciùil gu lèir. Mar sin, cha tèid agaibh air aon tiocaid shònraichte a cheannach a mhaireas a h-uile cuirm aig an fhèis a tha seo. Tagh air ur faiceall airson 's gun tèid agaibh air nas urrainn dhuibh fhaighinn a-mach as an ùine agaibh aig an fhèis.
  • Thèid agaibh air airgead a shàbhaladh le bhith a' ceannach 'main arena package' – bheireadh seo a-steach na trì oidhcheanan mhòra anns a' phrìomh teant.
  • Tha tiocaidean aig prìs nas ìsle ri'm faotainn cuideachd, gu h-àraidh do dh'òigridh. Ach tha an àireamh de na tiocaidean seo glè ìosal, mar sin ceannaich tràth iad.
  • Tha clann fo 5 a' faighinn a-steach an asgaidh, ach feumaidh iad fhathast tiocaid fhaighinn mus fhaigh iad a-steach. Mar sin na dìochuimhnich mu'n fheadhainn bheaga an uair a tha sibh ag òrdanachadh na tiocaidean agaibh pèin.
  • Tha e cudthromach gun toir sibh leibh am 'booking reference' agaibh nuair a tha sibh a' togail ur tiocaidean. Ma tha caraid neo càirdean a' dol a thogail na tiocaidean air ur son, feumaidh sibh cead a dhearbhadh ann an sgìobhadh air pìos pàipear agus a thoirt dhaibh.

2 - ÀITICHEAN

  • Bidh cuireaman leòdhais a' gabhail àite tharais air dà làthair, An Lanntair (Diciadain – Disathairne) agus am prìomh àite, sin an teant ann an grunnd Caisteil Leòdhais (Diardaoin – Disathairne). Tha e buailteach dha cuirmean ruith tharais air a chèile mar sin ma dh'fhaoidte gum feum sibh roghainn a dhèanamh eadar an dà chuirm.
  • Tha àitichean bidhe air taobh a-staigh a' chuirm a' tabhann farsaingeachd de bhiadhan, mar sin mur an do ghabh sibh ur dìnnear thèid agaibh air greim bidhe fhaighinn ann.
  • Tha deochan làidir agus bog ri'm faotainn aig a' chuirm. Na toir deoch làidir leibh neo bidh e air a' thoirt bhuaibh.
  • Na toir an camara daor sin leibh idir; tha clàraidhean bhidio agus dealbhan de na còmhlain-ciùil toirmisgte.
  • Tha tachartasan sgoinneil ri'm faighinn pìos a-mach à Steòrnabhagh, feumar dòigh siubhal ach bheir e meud eile dhan an fhèis.
  • Chan eil seasanan air an cuir air dòigh, ach bidh taighean-seinnse a cuir fàilte air ceòl beò.
  • Tha a mhòr chuid de tachartasan an fhèis a gabhail àite air an oidhche mar sin tha e a toirt cothrom do luchd-tadhail seallaidhean mun cuairt fhaicinn tron latha.

3 - CLUB

  • Se th'anns am 'festival club' ach partaidh mi-fhoirmeil as dèidh gnothach, air a chumal anns 'An Lanntair'.
  • Tha còmhlain clàraichte airson cluich, mar sin ma dh'fhaoidte gum faigh thu an cothrom cuideigin nach biodh tu air faicinn fhaicinn ann an àite eile.
  • Feumaidh tu tiocaid fa leth a cheannach airson gach 'oidhche club'.
  • Tha dèoch làidir agus biadh ri fhaotainn gu anmoch anns a' chlub.
  • Bidh prògram fiosrachaidh am festival club ri fhaighinn tron t-seachdain fhèin.
  • Bidh amanan fosglaidh ag atharrachadh a-rèir laghan aonta ionadail.